A’ faighinn ann
Suidhichte air Taobh Siar Rois, ‘s e rubha na Comraich aon de sheudan tìre na h-Alba. Tha e deas air Toirbheartan, tuath air Caol Loch Aillse, le eileanan Ratharsaigh, Rònaigh is An t-Eilean Sgitheanach gun iar. Chan eil ach dà shlighe rathaid a-steach gu bailtean an rubha: taobh Bealach na Bà, no air rathad a’ chosta bho Sìldeag.
Aig 626m (2,053 troighean) os cionn ìre na mara, ‘s e Bealach na Bà an rathad bealaich as àirde ann an Alba, agus le a leòidean teàrnaidh casa agus a lùban cumhang, cunnartach chan e a h-uile duine a bhios co-fhurtail ga shiubhal. Tha cuingealachadh cuideim de 7.5 tunna air an rathad seo.Tha rathad a’ chosta a’ tabhann slighe eile, agus e a’ toirt seallaidhean àlainn thairis air Loch Toirbheartain gu Beanntan Thoirbheartain, a’ toirt a-steach Beinn Àilleagain agus Liathach.
Tha e na fhìor thlachd siubhal gun Chomraich, le seallaidhean àlainn ge b’ e taobh a ghabhas tu; tha an sealladh bho bàrr a’ bhealaich gun Chuiltheann san Eilean Sgitheanach comharraichte dha-rìribh.
Air càr
Chan eil a’ Chomraich ach dà uair a thìde ann an càr (80 mìle) bho Port-adhair is Stèisean-rèile Inbhir Nis: A9 - A835 - A832 - A890 - A896 gu Treamhar nam Preas, far a bheil soidhne ann airson tionndadh gu bealach na Comraich. Lorg stiùireadh
an seo.
Thoir taic dha stèisean-connaidh na coimhearsnachd sa Chomraich le bhith a’ ceannach do connadh an seo. Tha an stèisean-connaidh air a ruith le saor-thoilich air stèidh neo-phrothaideach; tha e lèir mheicnigeil agus fosgailte 24 uairean san latha, seachd latha san t-seachdain. ‘S ann le cairt a-mhàin a dh’fheumar pàigheadh. Tha sinn an urra ri taic luchd-tadhail dhan Chomraich airson an stèisean-connaidh a chumail a’ dol.
Air còmhdhail phoblach
Tha ceangal-rèile ann bho Srath Carrann air loidhne a’ chosta ‘n iar.