A’ Chomraich, an-dè is an-diugh | ||||||||||||||
Tha dualchas beairteach cultarach is togte aig rubha na Comraich a
tha a’ dol air ais 8,000 bliadhna gu àm nuair a bha cuid de
luchd-còmhnaidh Mesolithic a’ tighinn a ghabhail còmhnaidh ann am
fasgadh creige ann an Sannda. Anns a’ mhìle bliadhna an dèidh sin,
dh’fhàg luchd-tuineachaidh tràth eile an lorgan cultarach fhèin. Dhiubh
sin, ‘s dòcha gur e dùn na Comraich bho Linn an Iarainn (ca. 200AC), an
rud as follaisiche. B’ e tighinn a’ mhanaich
Èireannaich, Mhaol Rubha, ann an 673AC agus cruthachadh an tuineachaidh
Chrìosdaidh is a’ mhanachainn ann an Clachan, an rud bu chudromaiche bho
thaobh dualchas cràbhaidh an rubha. Bha seo na thòiseachadh dhan
Chomraich mar thèarmann, no comraich is b’ e seo a thug ainm don sgìre.
Bhiodh cuid de luchd-còmhnaidh shàraichte na sgìre a’ tighinn an seo a
lorg dìdean ann an àm èiginn sna linntean an dèidh seo. Sa
Chomraich, mar ann an àiteachan eile air Gàidhealtachd na h-Alba,
chaidh coimhearsnachdan fhalamhachadh ri linn Fuadach nan Gàidheal agus
airson ceudan bhliadhnaichean bha a’ chuid mhòr den talamh fo shealbh
uachdarain mhòra chumhachdach. B’ e an t-uachdaran mu dheireadh a
stèidhich Urras na Comraich ann an 1975. Tha
dualchas làidir Gàidhlig san sgìre agus ionannachd làidir. Gu ìre, ‘s e
cho iomallach ‘s a tha an sgìre as coireach ri seo, le bealach beinne,
Bealach nam Bà, na prìomh shlighe thar dùthcha a-steach, bho tràth san
19mh linn gus an deach an rathad air a’ chosta a tuath a chrìochnachadh
ann an 1976. An-diugh tha a’ Chomraich na
dachaigh do choimhearsnachd bheòthail de bhailtean croitearachd. Ach
chan eil comharran mu eachdraich iongantach na sgìre fada air falbh aig
àm sam bith. Tha seo a’ dèanamh na Comraich na àite iongantach airson
tadhal ann. |