Tha Sgeama Compàirteachas Àrainneachd na Comraich ag amas air dualchas nàdarra is cultarach cuid de na dealbhan-tìre as bòidhche ann an Alba a dhìon is àrdachadh.
Tha eachdraidh làidir Ghàidhlig aig a’ Chomraich agus tha a dualchas cultarach is cràbhaidh a’ lìbhrigeadh deagh dhùmhlachd de làraichean arceòlasach is eachdraidheil. Tha i cuideachd na dachaigh de lìonra shoirbheachail de choimhearsnachdan ionadail. Tha beanntan, tràighean, coilltean, lochan is aibhnichean an àite a’ tabhann chothroman gun choimeas airson coimhead air mòran fhiadh-bheatha tearc, nam measg dòbhrain, iolairean buidhe, iolairean mara, ròin is leumadairean-mara, agus ‘s e àite sgoinneil a tha seo airson cur-seachadan a-muigh.
Leugh tuilleadh…