Ronan Martin Associates.

Cuairtean

Tha a’ Chomraich na deagh àite airson cuairtean ris a’ chosta, sna beanntan no sa choille, le raon de fhaidean-slighe ri fhaighinn a bhios freagarrach aig gach ìre fallaineachd is comas corporra. Thathas a’ leudachadh is a’ leasachadh lìonra cheuman na sgìre fo Sgeama a’ Chompàirteachais.

Tha slighean ann bho chuairtean socair an cois choilltean fasgach is aibhnichean faisg air Taigh na Comraich, gu dìridhean sgairteil, nam measg an t-slighe 9km suas gleann na Comraich  gu bailtean a’ Chinnmhòir is Inbhir Bàn ann an ceann a tuath an rubha. Tha ceuman bho Bàgh na Comraich gu Tràigh àlainn Shannda (ca. 3mìle), gu na tràighean corail eadar Àrd Bàn is Coille a’ Ghille (ca. 1 mhìle), tro choilltean calltainn a’ Chàrnaich agus bho Toscaig gu bailtean Uag (4 mìle tillteach) no Àirigh Dhriseig (ca. 8 mìle tillteach) a’ tabhann cuairtean tlachdmhor eile.

Tha seallaidhean àlainn den chosta is de na beanntan rim faicinn bho na cuairtean gu lèir agus chan eil seallaidhean-tìre brèagha an Eilein Sgitheanaich is Ratharsaigh uair sam bith fad air falbh. Tha fìor dheagh chothroman ann cuideachd airson fiadh-bheatha, leithid iolairean buidhe is dòbhrain, fhaicinn. Tha mòran de na ceuman a’ riochdachadh slighean traidiseanta còmhdhala eachdraidheil, agus iad an cois làraichean aig a bheil cudromachd eachdraidheil is àrsaidheil.
 
Tha Urras na Comraich air stiùireadh is map gu ceuman seallaidheach na Comraich a dheasachadh, agus chithear e le luchdachadh a-nuas aig: www.applecrosswalks.org.uk

Tha ceanglaichean feumail eile airson coiseachd aig:
www.walkhighlands.co.uk
  DACHAIGH  
  CUAIRTEAN  
  DÈ THA DOL  
  FIOS GU  
Ag adhartachadh dualchas
beairteach, fiadh-bheatha & cultar
Taobh Siar na Gàidhealtachd
ENGLISH | GÀIDHLIG

This content comes from a hidden element on this page.

The inline option preserves bound JavaScript events and changes, and it puts the content back where it came from when it is closed.

If you try to open a new Colorbox while it is already open, it will update itself with the new content.