<-- air ais gu Gàrraidhean Cloiche is Togalaichean Eachdraidheil |
Sabhalan Innse-Gallach‘S e stòras shònraichte a th’ anns na Sabhalan Innse-Gallach (suidhichte ri taobh an Dùin is an làrach-campachaidh). Chan eil sabhalan fionnaraichte Innse Gallach den t-seòrsa seo rim faighinn ach ann am paraistean na Comraich, Gheàrrloich is Loch Braoin air Taobh Siar Rois agus tha iad a’ sìor fhàs tearc. Tha Alba Aosmhor air a ràdh gum faodadh cudromachd nàiseanta a bhith aig na làraichean. Bhiodh a’ chiad ìre den phròiseact a’ gabhail os làimh rannsachadh gus plana glèidhteachas a chruthachadh a dh’fheuchadh ri dearbhadh ìre tearcachd na h-eisimpleir a tha sa Chomraich agus poileasaidhean glèidhteachas a shuidheachadh gus a dhìon agus airson a chleachdadh san àm ri teachd. Dh’fheuchadh e cuideachd ri dearbhadh fhaighinn air cuin a chaidh na sabhalan a thogail agus dheigheadh sealltainn ri pàtranan tuineachaidh ann an suidheachadh leasachaidhean àiteachais a ghabh an oighreachd os làimh aig deireadh na h-ochdamh linne deug agus toiseach na naoidheamh linne deug. Thèid rannsachadh a dhèanamh cuideachd air dàimhean gnìomhachail le togalaichean a’ phrìomh thuathanachais, agus gu sònraichte leis an tuathanachas banca ( a tha cuideachd na chomharra an ìre mhath tearc) a tha tuath air an làraich. |
<-- air ais gu Gàrraidhean Cloiche is Togalaichean Eachdraidheil |