Tha am pròiseact seo a’ dèanamh mìneachadh air baile an Lòin Bhàin. ‘S e seann tuineachadh croitearachd a th’ anns an Lòn Bàn a tha suidhichte mu 7 mìle tuath air Bàgh na Comraich. B’ e tuineachadh sreathach a bh’ ann agus bheir seann mhapaichean oighreachd mòran fiosrachaidh seachad mu atharrachaidhean ann am pàtranan tuineachaidh dùthchail tro na linntean. Mus deach an rathad a chrìochnachadh anns na 1960an bha an Lòn Bàn na àite iomallach. ‘S e Taigh Tughaidh an Lòin Bhàin an aon taigh tughaidh sa bhaile agus tha Urras Nàiseanta na h-Alba air a cheannach o chionn ghoirid. Tha iad air Plana Glèidhteachais a bharantachadh airson an taighe mar phàirt de na planaichean aca airson an làrach a ghleidheadh is a dhaingneachadh.