Ronan Martin Associates.
<-- air ais gu Gàrraidhean Cloiche is
Togalaichean Eachdraidheil

Gàrraidhean na ceàrdaich

Tha gàrraidhean cloiche nam prìomh chomharra de dhealbh-tìre na Comraich. An toiseach cudromach airson stoc a chumail a-staigh, bha gàrraidhean cloiche nan crìochan air achaidhean far nach b’ urrainn callaidean a chur suas air sgàth fearann creagach, aimsir is talamh staoin.
 
An-diugh sa Chomraich tha na gàrraidhean sin fhathast gan cleachdadh mar chrìochan achaidhean , ach tha pàirt cudromach aca cuideachd ann an glèidhteachas fiadh-bheatha , gu h-àraidh mar dhachaighean dha mamalan beaga is fiolain, Ach, mar a tha fìor mun mhòr-chuid de ghàrraidhean na h-Alba, tha iad tric ann an droch staid , air am milleadh le obair chraobhan, stuic is stoirmean, agus le togail nuadh ròidean. Tha am pìos gàrraidh a tha a’ ruith an cois Coille na Ceàrdaich bho inntrigeadh Na Comraich (cliath a’ chruidh) gun bhùth (1150m iomlan de ghàrradh) na phrìomh chomharra de dhealbh-tìre na Comraich. Tha e a’ cuairteachadh an rathaid shingilte gun Bhàgh agus na phàirt sònraichte de nàdar na sgìre.
 
Tha am pròiseact seo a’ toirt cothrom am balla 1150m seo a chàradh is a dhaingneachadh – a’ toirt a-steach 162 m de chàradh, agus 30m de ath-thogail (far a bheil ballachan air tuiteam). Tha am pròiseact a’ toirt a-steach clachan ùra far a bheil sin riatanach – ged is e ath-thogail le na clachan a th’ ann a tha sa mhòr chuid den obair. Thèid an obair a ghabhail os làimh le togalaiche gàrraidh proifeiseanta, ag obair le sgioba bhon choimhearsnachd ionadail.
 
Aon uair ‘s gun tèid a chàradh is a dhaingneachadh bidh seo na phàirt de sgeama leasachaidh dealbh-tìre nas leudaichte ann an Coille na Ceàrdaich, a’ gabhail a-steach glanadh bhunan is coillteach bhon choille leagte, a’ cur chraobhan dùthchasach is craobhan mheasan agus sìolachadh talamh pàirce traidiseanta.

<-- air ais gu Gàrraidhean Cloiche is
Togalaichean Eachdraidheil
  DACHAIGH  
  CUAIRTEAN  
  DÈ THA DOL  
  FIOS GU  
Ag adhartachadh dualchas
beairteach, fiadh-bheatha & cultar
Taobh Siar na Gàidhealtachd
ENGLISH | GÀIDHLIG

This content comes from a hidden element on this page.

The inline option preserves bound JavaScript events and changes, and it puts the content back where it came from when it is closed.

If you try to open a new Colorbox while it is already open, it will update itself with the new content.