<-- air ais gu Gàrraidhean Cloiche is Togalaichean Eachdraidheil |
Gàrraidhean a’ Bhealaich‘S e bealach na Bà am bealach-beinne as àirde san RA agus am prìomh shlighe a-steach gu Rubha na Comraich. Tha an rathad singilte lùbach seo gun Chomraich thar Bealach na Bà a’ dìreadh gu àirde 626 meatairean (2,054 troighean). Gu traidiseanta bha ballachan cloiche air gach taobh den rathad mar bhacadh airson sàbhailteachd agus airson slios na beinne, bhon robh an rathad air a chladhach, a chumail air ais. Gu mì-fhortanach tha mòran de na ballachan air an toirt air falbh no air am milleadh le linn leudachadh an rathaid, suidheachadh bhacaidhean meatailte agus trafaig. Thathas fhathast a’ cleachdadh raon chomharran a tha a’ stiùireadh sruthadh an uisge bho cliathaich na beinne, a’ gabhail a-steach saibhearan is cùrsaichean-uisge lìnigte, ach tha mòran dhiubh a-nise a’ cur feum air càradh. |
<-- air ais gu Gàrraidhean Cloiche is Togalaichean Eachdraidheil |