‘S e coille leth-ŕrsaidh a th’ ann an coille challtainn a’ Chŕrnaich a tha ri taobh Srŕid a’ Chladaich is Baile a’ Mhuilinn. Bha cudromachd eachdraidheil aice sa choimhearsnachd ionadail mar ŕite anns an robhar a’ faighinn fiodh is cnothan, ach tha a’ choille cuideachd air leth ŕlainn agus i a’ toirt taic dha iomadachd mhňr de chňinneach is crota. Deasaichidh am prňiseact seo plana riaghlaidh dhan choille a ně cinnteach gun tčid luach fhiadh-bheatha a dhěon fhad ‘s a thathas ag ŕrdachadh a luach coimhearsnachd. Mar phŕirt den phrňiseact seo thathas a’ moladh gun tčid samhla de thaigh-cruinn bho Linn an Iarainn a chruthachadh a thčid a chleachdadh airson tachartasan co-cheangailte ri coillteachd, a’ gabhail a-steach ionnsachadh ann an ciůird preasalaich. Thčid leasachadh a dhčanamh cuideachd air měneachadh is inntrigeadh na coille tro fiosrachadh is ceuman.