Ronan Martin Associates.
<-- air ais gu Fearann coillteach, Fearann
feurach is Fiadh-bheatha

Ath-nuadhachadh Coille na Ceàrdaich

Tha Coille na Ceàrdaich suidhichte ri taobh a’ phrìomh rathaid a-steach gu baile na Comraich, agus faisg air prìomh chridhe na sgìre. Leag Urras na Comraich coille dhurcain de sheachd heactairean ann an 2005, ach tha am barrach is na bunnan air fhàgail, a’ cruthachadh sealladh mì-thaitneach ann an àite a tha cudromach mar ionad fàilte dha luchd-tadhail.
 
Thug leagail nan craobhan durcain pàtran tuineachaidh ro-choillteachadh am follais le gàrraidhean cloiche agus làrach seann bhaile Achadh a’ Choirce. Tha am pròiseact seo na cheum cudromach ann a bhith a’ toirt air ais àrainneachd eachdraidheil na Comraich agus aon uair ‘s gun tèid a ghlanadh is ath-nuadhachadh le coille dhùthchasach is pàirc (airson goireas cur-seachad dha muinntir na sgìre is luchd-tadhail) thèid a cheangal ri pròiseactan leasachaidh dealbh-tìreil eile, a’ gabhail a-steach ath-leasachadh air Gàrraidhean na Ceàrdaich( a tha ris a’ phrìomh rathad ri taobh na coille leagte), agus suidheachadh Slighe an Arc-eòlais( air am bi ceuman is mìneachadh mu comharran dualchais nàdarra is cultarach na coille).
 
Tha am pròiseact a’ gabhail a-steach ullachadh airson glanadh (losgadh/mathachadh) ceithir heactairean, sìolachadh pàirce, cur gnèithean de chraobhan dùthchasach a thuilleadh air “coille-bidhe” bheag de chraobhan measa dhan sgìre (còmhla ri drèanadh, àiteachadh, feansadh is riaghladh co-cheangailte.

<-- air ais gu Fearann coillteach, Fearann
feurach is Fiadh-bheatha
  DACHAIGH  
  CUAIRTEAN  
  DÈ THA DOL  
  FIOS GU  
Ag adhartachadh dualchas
beairteach, fiadh-bheatha & cultar
Taobh Siar na Gàidhealtachd
ENGLISH | GÀIDHLIG

This content comes from a hidden element on this page.

The inline option preserves bound JavaScript events and changes, and it puts the content back where it came from when it is closed.

If you try to open a new Colorbox while it is already open, it will update itself with the new content.