<-- air ais gu Slighean is Tro-ròidean |
Àird Dubh – Coille a’ GhilleTha am pròiseact seo a’ dèanamh ullachadh airson leasachadh a’ cheum bho Àird Dubh gu bailtean Àird Bàn is Coille a’ Ghille, airson tlachd is buannachd luchd-tadhail is muinntir na sgìre. ‘S e dà bhaile croitearachd a th’ ann an Coille a’ Ghille is Àird Bàn aig nach eil, eadhon san latha an-diugh, slighe charbadan a-steach thuca. A thuilleadh air a dhol air a’ mhuir, ‘s e ceum cloiche an aon slighe gu na bailtean sin. Dh’fhalbh na daoine às na bailtean sin o chionn còrr is ceud bliadhna. Ged a tha cuid air tilleadh a dh’fhuireach sna bailtean, tha nàdar na sgìre an ìre mhath mar a bha e. |
<-- air ais gu Slighean is Tro-ròidean |