Ronan Martin Associates.
<-- air ais gu Slighean is Tro-ròidean

Slighean Costa Bàgh na Comraich


Tha am pròiseact seo a’ dèanamh ullachadh airson ceuman ùra is leasaichte agus tro-ròidean thairis air sgìre Bàgh na Comraich ann an Rubha na Comraich, airson tlachd is sochairean a thoirt dha luchd-tadhail agus muinntir na sgìre. Bheir lìonra nan ceuman le mìneachadh, slighe àrdaichte chorporra is inntleachdail a-steach gu dualchas àrainneachd na Comraich; thèid tuigse mu feum eachdraidheil seann cheuman sa sgìre a leasachadh; thèid làraichean dualchais a cheangal ri chèile agus cuidichidh seo le bhith a’ togail dealbh nas fheàrr de dhualchas na Comraich. Bidh seo na ghoireas turasachd   agus cuideachd bheir e sochairean inntrigidh is slàinte dha muinntir na sgìre.
 
Ceangalaidh lìonra Coille Bheithe gu Sannda ri chèile ceuman a th’ ann a cheana le bhith a’ cruthachadh ceanglaichean agus le bhith a’ leasachadh slighean inntrigidh a th’ ann mu thràth airson an dèanamh freagarrach dha daoine de gach comas:

Coille Bheithe/Taobh an Rathaid (Ceum ùr -709m):

Bidh a’ chiad earrann den lìonra air a’ cheum ùr seo agus nì e ceangal ùr, bhon t-seann bhùth is Oifis a’ Phuist (am pàirt ann am meadhan baile na Comraich) gun Gheata Gheal (rathad a-steach gu na Pàircean Chraobhan). Bheir e slighe eile dha coisichean seach a bhith a’ coiseachd air rathad an rìgh agus chithear seallaidhean fosgailte de Bhàgh na Comraich bhuaithe. Bidh an ceum seo uile-chomasach.

Arboretum (Leasachadh le ceuman ùra – 624m de chòmhdach ùr le 11m de cheum ùr agus àite-seallaidh):

This is a path upgrade project which will tie in to the end of the Beechwood path. Links to a range of other paths are available from this route, with many interesting features (walled garden, native and exotic trees and the former Ice House) evident along its length. This path will be all-abilities.

Slighe Dualchais a’ Chlachain (Ceum ùr – 423m):

Tha an t-slighe seo ag amas air slighe inntinneach agus inntrigeadh sìtheil a thabhann a-steach gu Cladh a’ Chlachain agus gu stèidh mhanachainneach Mhaol Rubha bho rathad na h-oighreachd a th’ ann a cheana. Bheir Slighe an Dualchais thu gun Ionad Dualchais, a tha ri taobh a’ chlaidh. Bidh an ceum seo uile-chomasach.

Ceangal Ceum na Mara / Ceum na Gainmhich (Ceum ùr – 625m):

Tha ceum an-dràsta a’ toirt slighe a-steach dha luchd-tadhail gun Ionad Dualchais bho pàirc-chàraichean gun iar den Ionad. Bidh ceangal Ceum na Mara a’ ruith bhon Ionad gus coinneachadh ri Ceum Sannda aig Cruaraidh. Bidh an earrann seo air leathad fosgailte a’ coimhead gun iar. Nuair a ruigeas coisichean Cruaraidh, gheibh iad air a dhol air Ceum na Mara, aon de na seann shlighean a bhiodh muinntir Na Comraich a Tuath a’ gabhail mus tàinig rathad an rìgh. Air sgàth caisead an leothaid cha bhi an ceum seo uile-chomasach. .

<-- air ais gu Slighean is Tro-ròidean
  DACHAIGH  
  CUAIRTEAN  
  DÈ THA DOL  
  FIOS GU  
Ag adhartachadh dualchas
beairteach, fiadh-bheatha & cultar
Taobh Siar na Gàidhealtachd
ENGLISH | GÀIDHLIG

This content comes from a hidden element on this page.

The inline option preserves bound JavaScript events and changes, and it puts the content back where it came from when it is closed.

If you try to open a new Colorbox while it is already open, it will update itself with the new content.