Ronan Martin Associates.
<-- air ais gu Sluagh is Àitean

Pròiseact trèanaidh arc-eòlas
na coimhearsnadh


Tha seo air a dhealbh airson cothroman a thoirt dha daoine de gach aois is comas tuilleadh fhaighinn a-mach mu eachdraidh is arc-eòlas na sgìre, agus gus a dhol an sàs airson cur ris an tuigse a th’ ann an-dràsta mu làraichean arc-eòlasach na sgìre. ‘S e prìomh eileamaid den phròiseact gun tabhainn e trèanadh dha compàirtichean ann an raon sgilean co-cheangailte ri sgrùdadh arc-eòlais agus cladhachd. Thèid am fiosrachadh a dh’èireas às a’ phròiseact a chleachdadh mar bhunait airson stuthan ùra mìneachail a chruthachadh a nì na làraichean sgrùdaichte faotainneach dha barrachd de mhuinntir na sgìre agus dha luchd-tadhail.
 
‘S e amas iomlan a’ phròiseict a bhith a’ cruthachadh tuigse nas fharsainge mu fuigheall eachdraidheil is corporra na seann Comraich tro rannsachadh eachdraidheil agus sgrùdadh arc-eòlais. Gabhaidh compàirtichean os làimh sgrùdaidhean mionaideach de làraichean is structairean air feadh na Comraich, nach eil clàraichte (no beag chlàraichte) aig an àm seo, agus le bhith a’ dèanamh seo, bidh stuthan (mion-sgrùdadh anailis, mapaichean, dealbhan etc) ri fhaighinn a bheir cothrom air barrachd tuigse mu na làraichean is na structairean sin.

<-- air ais gu Sluagh is Àitean
  DACHAIGH  
  CUAIRTEAN  
  DÈ THA DOL  
  FIOS GU  
Ag adhartachadh dualchas
beairteach, fiadh-bheatha & cultar
Taobh Siar na Gàidhealtachd
ENGLISH | GÀIDHLIG

This content comes from a hidden element on this page.

The inline option preserves bound JavaScript events and changes, and it puts the content back where it came from when it is closed.

If you try to open a new Colorbox while it is already open, it will update itself with the new content.