Ronan Martin Associates.
<-- air ais gu Sluagh is Àitean

Dùn na Comraich

Ann an 2005 thadhail taisbeanadh telebhisein bho Seanal 4, “Time Team” sa Chomraich agus rinn iad rannsachadh air togalach a bh’ air a mheas mar dhùn bho Linn an Iarainn (tùr cruinn le ballachan tiugh cloiche). Ri linn ùidh na sgìre san làraich, chaidh Comann Arc-eòlais na Comraich a stèidheachadh agus eadar 2006-2009 chaidh pròiseact arc-eòlais coimhearsnachd a ghabhail os làimh airson an dùn a chladhach. Tha cladhachaidhean bliadhnail (fo stiùireadh phroifeiseantaich, buill de Chomann Arc-eòlais Ceann a Tuath na h-Alba agus sgioba de shaor-thoilich bhon choimhearsnachd)air a bhith a’ dol gach bliadhna (le dà chladhach ann an 2007), agus an ceathramh mu dheireadh air a chladhach san t-Sultain 2009. Gheibhear fiosrachadh mu clàr cuimhne an dùin, geàrr-iomradh air na cladhachaidhean agus aithisgean co-cheangailte bhon Chlàr Àrainneachd Eachdraidheil.

Cuiridh am pròiseact crìoch air an ìre seo de chladhadh is sgrùdadh an dùin (agus de na toraidhean a fhuairear sa chladhach) agus aig co-labhairt bheag, thèid sgeulachd pròiseact arc-eòlais na coimhearsnachd innse, toraidhean a’ phròiseict fhoillseachadh, agus an làrach a shuidheachadh taobh a-staigh arc-eòlas Taobh Siar Rois. Bidh a’ cho-labhairt a’ cuimseachadh air na h-uile a bha an sàs sa phròiseact, no air an fheadhainn aig a bheil ùidh ann an arc-eòlas, a thuilleadh air arc-eòlaichean proifeiseanta agus foghlamaich, a dh’fhaodas, tro bhùthan-obrach is còmhraidhean, cur ri tuigse nas fharsainge mun làraich.

Thèid na th’ air fhàgail de structair an dùin a neartachadh an uairsin gus a dhìon airson an àm ri teachd agus thèid obair a ghabhail os làimh gus a dhèanamh ruigsinneach a thaobh mìneachadh dha muinntir na sgìre is luchd-tadhail. Tha làrach an dùin faisg air prìomh ionad an t-sluaigh sa Chomraich, glè fhaisg air Làrach-campachaidh trang na Comraich agus ri taobh na lìonra ùr cheuman a tha ALPS a’ moladh, agus a’ fosgladh cothroman mòra airson luchd-turais  is muinntir na sgìre a bhrosnachadh airson tadhal air an dùin agus tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn.


<-- air ais gu Sluagh is Àitean
  DACHAIGH  
  CUAIRTEAN  
  DÈ THA DOL  
  FIOS GU  
Ag adhartachadh dualchas
beairteach, fiadh-bheatha & cultar
Taobh Siar na Gàidhealtachd
ENGLISH | GÀIDHLIG

This content comes from a hidden element on this page.

The inline option preserves bound JavaScript events and changes, and it puts the content back where it came from when it is closed.

If you try to open a new Colorbox while it is already open, it will update itself with the new content.