<-- air ais gu Sluagh is Àitean |
Sgoil-bhàrdachd na ComraichFàilte gu Sgoil Bhàrdachd na Comraich, prìomh thabhartas na buidhne, Bealach, gu pròiseactan ALPS a thòisich an dèidh co-thagradh a chur gu Maoin Dualchas a’ Chrannachair. Chaidh Bealach a stèidheachadh sa Chomraich ann an 2004 gus taic is brosnachadh a thoirt dha cleachdadh na Gàidhlig. Mar bhuidheann cha bhi sinn a’ cur aonta ri no a’ brosnachadh beachdan sam bith co-cheangailte ri Gàidhlig; ‘s fheàrr leinn ar goireasan a chosg air a’ chànan fhèin. San dòigh sin tha sinn an dòchas gum bi sinn nar misneachadh do neach sam bith le ùidh ann an Gàidhlig, bho daoine gun Ghàidhlig gu fileantaich. Tha na pròiseactan a thathas air stèidheachadh ‘s ga bheil taic air a thoirt a’ gabhail a-steach buidheann ro-sgoile, ealain is ciùird, dràma, ceòl beò agus fèisdeas, eachdraidh ionadail, pròiseact DVD, clasaichean Gàidhlig dha inbhich is buidhnean deasbaid, Fèis a' Bhealaich againn fhìn agus mòran eile. Nuair a chaidh cuireadh a thoirt dhuinn pàirt a ghabhail ann an Sgeama Compàirteachais Dealbh-tìre na Comraich cho-dhùin sinn gun dèanamaid leasachadh air pròiseact a leanadh air an dèidh nan trì bliadhna maoineachaidh. Bha sinn ag iarraidh rudeigin a bheireadh ath-bheothachadh don chànan ann an àite far na stiùir e na clachan dha na ballachan a tha gar cumail blàth is seasgair, agus far an robh e ri chluinntinn nuair a bhathas a’ tionndadh gach slait den talamh torrach. Bha mac-talla na Gàidhlig cuideachd ri chluinntinn san uisge chiùin bho Poll Creadha gu Creag Darach. Cho-dhùin sinn cuideachd rudeigin eadar-dhealaichte fheuchainn. Chan e gur e càil ùr a th’ ann an Sgoil Bhàrdachd air Ghàidhealtachd. Aig aon uair bha a’ Chomraich fhèin na prìomh ceann-uidhe dha bàird siùbhlach na h- Alba agus na h-Èireann. Bha sinn ag iarraidh rudeigin a chuireadh taic ri na h-ealain is na cuspairean Gàidhlig eile a thathas a-nis a’ teagaisg ann an Alba, agus ann an Siorrachd Rois. Tha daoine air a bhith air am beò ghlacadh leis a’ bheachd seo, eadhon air sgàth nàdar an àite, doirbh faighinn thuige, ach cuimhneachail. Tha mi airson taing a thoirt dha na h-uile a thug taic don bheachd agus a dh’adhartaich e gun ìre aig a bheil e. Tha mi cuideachd airson fàilte a chur air ar co-òrdanaiche ùr, Sìne Nic a' Phearsain. Thathas gu mòr an dòchas gun toir an cothrom seo sinn air adhart gu àite airson turas ùr, inntinneach. Tha an cànan is am fearann againn an seo. Faodamaid a-nis na bàird a thoirt ann, ach nuair a thig na daoine agus a ghabhas iad com-pàirt ann bidh Sgoil Bhàrdachd againn. Deirig MacGill-Fhinnein, Neach-cathrach, Bealach Am Faoilleach 2011 |
<-- air ais gu Sluagh is Àitean |