<-- air ais gu Sluagh is Àitean |
Mìneachadh air Bealach-na-Bà‘S iad amasan a’ phròiseict seo leasachadh a dhèanamh air pàirc chàraichean ionad seallaidh Bealach na Bà le bhith a’ suidheachadh comharran cloiche is mìneachadh mu bealach-beinne Bealach na Bà, agus a’ tabhann chothroman dha muinntir an àite sgilean a thogail ann am mìneachadh is an togail ghàrraidhean. ‘S e Bealach na Bà am bealach beinne as àirde ann am Breatainn agus am prìomh shlighe a-steach gu Rubha na Comraich. Tha an rathad singilte, lùbach gun Chomraich thairis air Bealach na Bà a’ dìreadh gu àirde 626 meatairean (2, 054 troighean). Tha luchd-tadhail (ann an càr no air baidhsagal) dèidheil air agus bidh mòran dhiubh a’ stad aig pàirc nan càraichean faisg air mullach a’ bhealaich airson na seallaidhean àlainn, thairis air an rubha is air an Eilean Sgitheanach, a mhealtainn. ‘S e a’ phàirc chàraichean seo an t-aon àite far a bheil e sàbhailte stad agus am bealach a mhealtainn. Ach aig an àm seo tha solar mìneachail sa phàirc chàraichean air a chuingealachadh ri aon àite seallaidh (gun mìneachadh sam bith) agus tha pàirc nan càraichean a’ coimhead iomallach is trèigte, le seann shuidheachanan a tha a’ feumachadh feadhainn ùra a chur nan àite agus gun fasgadh sam bith ann bhon aimsir. Dhèanadh an sgrùdadh mìneachail a thathas a’ moladh rannsachadh air eachdraidh a’ bhealaich a bha, aig aon àm, na rathad dhròbhairean air am biodh crodh a’ dol gu margaid agus gu na 1960an b’ e an t-aon slighe a-steach gu rubha na Comraich. Mhìnicheadh e cuideachd sgeulachd nan gàrraidhean buadhach cloiche is na saibhearan a tha nam pàirt aonaichte den rathad. Thèid mìneachadh a thoirt seachad cuideachd mu geòlas annasach na sgìre, fiosrachadh mun ionad seallaidh agus fiosrachadh coitcheann mu rudan a dh’fhaodar fhaicinn is a dhèanamh sa Chomraich. |
<-- air ais gu Sluagh is Àitean |