<-- air ais gu Sluagh is Àitean |
Prògram nan Cuairtean TreòraichteTha am prògram seo ag amas air prògram de chuairtean treòraichte a chur air adhart dha luchd-còmhnaidh agus luchd-turais gus fiosrachadh a thoirt seachad mu caochladh nithean co-cheangailte ri dealbh-tìre na Comraich, a’ gabhail a-steach cuairtean arc-eòlasach, cuairtean solaraichte airson biadh fiadhaich agus cuairtean fiadh-bheatha. Bidh na cuairtean, a bhios air an treòrachadh le luchd-iùil eòlach, a’ dol tron Chomraich agus bidh am prògram air a dhealbhadh gus a bhith freagarrach dha raon chomasan. Cuiridh am pròiseact luach ris an iomairt a tha Compàirteachas Dealbh-tìre na Comraich a’ moladh airson ceuman is slighean a-steach (corporra is innteachail) gu làraichean le cudromachd nàdarra is cultarach ann an sgìre na Comraich le bhith a’ toirt cothrom dha daoine cuairtean air na ceuman sin agus gu na làraichean sin a mhealtainn ann an cuideachd luchd-treòrachaidh a tha eòlach is brosnachail. Tha luchd-còmhnaidh na sgìre a cheana a’ tabhann chuairtean treòraichte ach tha iad ag aontachadh gun gabhadh an t-seirbheis a leudachadh agus a h-adhartachadh ann an dòigh nas fheàrr. ‘S ann meadhanach a tha an compàirteachadh an-dràsta air sgàth dìth adhartachaidh agus cho neo-ullaichte ‘s a tha an lìbhrigeadh. Tha na leanas gam moladh: 1) leasachadh is lìbhrigeadh a dhèanamh air clàr de chuairtean treòraichte cuspaireach a tha stèidhte air dualchas nàdarra is cultarach na sgìre, agus gu sònraichte a’ cuimseachadh air làraichean a bhios nas ruigsinniche aon uair ‘s gun tèid an iomairt ann an ceuman agus glèidhteachas/riaghladh a bhuileachadh, 2) prògram trèanaidh dha daoine le ùidh ann a bhith a’ leasachadh an sgilean coiseachd no a’ dol an sàs ann a bhith a’ lìbhrigeadh cuairtean treòraichte airson a’ chiad uair agus 3) prògram nan cuairtean adhartachadh tro bhith a’ cleachdadh phostairean, làraichean-lìn is bileagan sa sgìre. |
<-- air ais gu Sluagh is Àitean |