<-- air ais gu Sluagh is Àitean |
Pròiseact nan Ainmean-àiteanNì am pròiseact seo, a th’ air a stiùireadh le Comann Eachdraidh na Comraich, rannsachadh is clàradh air ainmean-àitean rubha na Comraich (a’ cruthachadh stòr-dàta so-rannsachail) agus bheir e cothrom dha luchd-tadhail is muinntir na sgìre am fiosrachadh fhaighinn. Tha ainmean-àitean nan goireas fiosrachaidh luachmhor. Innsidh iad mòran mu eachdraidh, cruinn-eòlas is sluagh àite. Tha a’ chuid mhòr de ainmean-àitean na Comraich a’ foillseachadh dualchas Gàidhlig is Lochlannach an àite, aig aon uair bha ainm fhèin aig gach cloich, creig is lag. ‘S e goireas cugallach a th’ anns na clàraidhean beòil sin. Tha fios aig Comann Eachdraidh na Comraich gun bhàsaich mòran de na h-eòlaichean ionadail aig an robh fios is ainm dha gach comharra air rubha na Comraich, mus d’ fhuaras air an stòras seo de dh’eòlas ionadail a chlàradh. Ach tha mòran fiosrachaidh ri fhaighinn fhathast agus tha e a-nis deatamach gun tèid seo a chlàradh mus tèid a chall gu bràth. Tha Comann Eachdraidh na Comraich ag amas air stòr-dàta so-rannsachail de dh’ainmean-àitean a chruthachadh (a’ daingneachadh an eòlais a th’ ann agus rannsachadh/ sgrìobhainnean le rannsachadh leantainneach) agus am fiosrachadh seo a dhèanamh faotainneach is ruigsinneach dha muinntir na sgìre is luchd-tadhail. Thèid am fiosrachadh a thaisbeanadh ann an cruth mapaichean mòra mìneachail de dh’ainmean-àitean (a thèid an taisbeanadh san Ionad Dualchais) agus CD a gheibhear bhon Ionad Dualchais. Dheigheadh am fiosrachadh cuideachd a chur an lùib nan tasglannan didseatach (mar phàirt de na fillidhean mapa.) Bidh Bun-sgoil na Comraich cuideachd a’ gabhail pàirt ann am pròiseact nan ainmean-àitean. Gabhaidh iad pròiseact os làimh fo stiùireadh an tidseir aca agus le taic bho Comann Eachdraidh na Comraich. Nì sgoilearan agallamhan le daoine às an sgìre (gu h-àraidh le seann dhaoine na coimhearsnachd) mu na h-ainmean-àitean sa Chomraich air a bheil cuimhne aca agus mu ciall nan ainmean. Thèid na h-agallamhan a chlàradh air bhideo (le na sgoilearan fhèin), mar dhìleab a’ phròiseict agus gheibhear iad air-loidhne mar phàirt den fhiosrachadh air ainmean-àitean air an làraich-lìn. Rannsaichidh sgoilearan cuideachd ainmean-àitean ionadail airson am biadhadh a-steach dhan stòr-dàta, tadhailidh iad air làraichean ainmean-àitean, agus clàraidh iad na h-àitean le dealbhan-camara, bhideo, suidheachadh GPS agus dealbhan-làimhe. Thèid am fiosrachadh, na dealbhan is na beachdan aca a bhiadhadh a-steach dha na stuthan airson na làraich-lìn agus an CD-ROM. |
<-- air ais gu Sluagh is Àitean |