<-- air ais gu Adhradh & Adhlacadh |
An Tobar Choisrigte | ||||||||||||||
Chan eil mòran sgrìobhte mu eachdraidh na Tobrach Coisrigte ach tha fios, nuair a chaidh an rathad timcheall air Bàgh na Comraich a thogail o chionn dà cheud bliadhna, gun deach an t-allt a tha a’ tighinn a-mach à slios na beinne mu fhichead meatair gun ear, a stiùireadh fon rathad ann an saibhear cloiche gus sileadh a-mach thairis air leac cloiche agus gun robh ceuman cloiche a’ dol suas air gach taobh gun fhosgladh seo. Aig an aon àm chaidh tanca a thogail le breicichean is leac de chlach Ghallaibh ga chòmhdach faisg air an àite far a bheil an t-allt a’ tighinn a-mach às a’ chnoc agus le pìob luaidhe a’ falbh bhon seo gu dìreach ri taobh an fhosglaidh fon rathad. Tha droch bhuaidh air a bhith aig dìgean rathaid (le dìg ùr drèanaidh a’ cur uisge salach dhan tobar faisg air far a bheil ea’ dol dhan t-saibhear).Tha seo air a’ bhùrn a dhèanamh cunnartach airson òl (tha nuadh thaistealaich creideimh an latha an-diugh dèidheil air an àite is iad airson am bùrn òl). Tha an liagh òil cuideachd air meirgeadh. Tha an tobar uachdrach cuairtichte le raineach is craobhan leagte is tha e doirbh faighinn thuice. Tha am pròiseact a’ gabhail a-steach rannsachadh air an làraich, càradh is cumail suas agus a’ dèanamh mion-sgrùdadh air an àite air an làraich fhèin agus air-loidhne. |
<-- air ais gu Adhradh & Adhlacadh |