Ronan Martin Associates.
<-- air ais gu Adhradh & Adhlacadh

A’ Mapadh Àit’-adhlacaidh


Tha cladhan a’ riochdachadh aon de na ceanglaichean as nochte ris an àm a dh’fhalbh. Ged a tha cladhan nam pàirt aithnichte de ar dealbh-tìre eachdraidheil, gu h-iongantach ‘s e glè bheag aithne a th’ ann mun raon de làraichean adhlacaidh a th’ air fhàgail, mu na seòrsachan clachan-uaghach is na comharran a th’ orra agus  mar a tha tìm is aimsir a’ toirt buaidh air a’ ghoireas chudromach seo. Tha mòran de chlachan-uaghach gam milleadh is a’ dol ann an staid neo-leughaichte  - agus tha boillsgidhean cudromach mu ar n-eachdraidh gan call.

‘S e Càrn-cuimhne Àrsaidh Clàraichte a th’ ann an Talamh Adhlacaidh na Comraich ( Tha Alba Aosmhor ga sheòrsachadh mar àite le chudromachd nàiseanta no eadar-nàiseanta ) agus tha fianais aig an làraich de thuineachadh tràth manachainneach  meadhan-aoiseil  Mhaol Rubha.

‘S e amas a’ phròiseict seo a bhith a’ mapadh is a’ mion-sgrùdadh càirn-cuimhne, comharraidhean-cuimhne agus feartan ailtireachd eile san t-Seann Àit’-adhlacaidh. Bheireadh seo a-steach measadh air sgrùdaidhean adhaireil den làraich, leis an fhiosrachadh a fhuaras ga chleachdadh airson uaighean is feartan eile sa chladh a chomharrachadh air plana. Thèid gach comharra uaghach an uairsin a chlàradh, a’ coimhead ri dèanamh, meud, cumadh is staid gleidhidh a’ chomharra  a’ togail ìomhaigh dhidseatach agus a’ clàradh an sgrìobhaidh – agus mar sin a’ cruthachadh clàradh iomlan de staid a’ chlaidh aig àm a’ chlàraidh.

Bidh am pròiseact cuideachd a’ gabhail a-steach a bhith a’ sealltainn ri feum air glèidhteachas càirn-cuimhne nan uaighean agus Leac Croise na Comraich (a’ chlach shnaidhte) a tha suidhichte sa chladh.

Thèid toraidhean an sgrùdaidh a dhitseatachadh, agus gheibh an sluagh poblach cothrom air an dàta airson  rannsachadh (eachdraidheil is sloinntearachd) agus airson tuilleadh sgrùdaidh.

<-- air ais gu Adhradh & Adhlacadh
  DACHAIGH  
  CUAIRTEAN  
  DÈ THA DOL  
  FIOS GU  
Ag adhartachadh dualchas
beairteach, fiadh-bheatha & cultar
Taobh Siar na Gàidhealtachd
ENGLISH | GÀIDHLIG

This content comes from a hidden element on this page.

The inline option preserves bound JavaScript events and changes, and it puts the content back where it came from when it is closed.

If you try to open a new Colorbox while it is already open, it will update itself with the new content.