Ronan Martin Associates.
<-- air ais gu Dualchas & Fiadh-bheatha

Aibhnichean is Lochan

Tha an abhainn fhìor-uisge as motha san rubha a’ sruthadh a-steach gu Bàgh na Comraich. Tha i a’ beathachadh àireamhan beaga de bhradan fiadhaich (Salmo salar) agus bànagan (Salmo trutta), agus aig an àm seo thathas a’ cuimseachadh air prògram ath-leasachaidh airson na h-aibhne.  Chaidh seo a chur air bhog le Urras na Comraich ann an 1995 gus àireamh an èisg, a bha air lùghdachadh, a neartachadh.  Tha an abhainn cuideachd na h-àrainn airson feusganan fìor-uisge (Margaritifera margaritifera), gnè a th’ ann an cunnart mòr agus nach bi beò ach ann an aibhnichean braise le grunnd greabhail. Mar am bradan fiadhaich, tha an gnè seo air a dhìon, agus fo lagh Eòrpach is Bhreatainn tha e mì-laghail dragh a chur orra, an dochann no an tional. Tha bric dhonna, gnè neo-imricheil fìor-uisgeach den bhreac mhara, ann an lochan fìor-uisgeach lìonmhor an rubha. Tha aibhnichean is lochan na sgìre nan dachaighean dha biastan-dubha (Lutra lutra), le dallagan uisge gam faicinn sa sgìre cuideachd.

<-- air ais gu Dualchas & Fiadh-bheatha
  DACHAIGH  
  CUAIRTEAN  
  DÈ THA DOL  
  FIOS GU  
Ag adhartachadh dualchas
beairteach, fiadh-bheatha & cultar
Taobh Siar na Gàidhealtachd
ENGLISH | GÀIDHLIG

This content comes from a hidden element on this page.

The inline option preserves bound JavaScript events and changes, and it puts the content back where it came from when it is closed.

If you try to open a new Colorbox while it is already open, it will update itself with the new content.