Ronan Martin Associates.
<-- air ais gu Dualchas & Fiadh-bheatha

Fearann Coillteach

Tha coilltean inbheachail na Comraich air an cuingealachadh sa mhòr-chuid ris a’ chosta agus tha iad a’ gabhail a-steach grunn àrainnean àrsaidh leth-dhùthchasach mar coille challtainn a’ Chàrnaich (14 heactairean), a thuilleadh air sgaoileadh mòr (570 heactair)de chraobhan durcain neo-dhùthchasach; ‘s e giuthas Lodgepole an gnè as motha  a th’ air a chur.
 
‘S i a’ choille as faicsinniche air taobh an ear an rubha an t-sreath de chraobhan daraich a tha a’ còmhdach nam bruaichean dìreach os cionn Bàgh na Comraich, le sreathan eile, dùthchasach is neo-dhùthchasach, timcheall air Taigh na Comraich is a’ tabhann deagh àiteachan airson cuairtean coillteach a dh’fhaicinn fiadh-bheatha. Ann an ciaradh an fheasgair chithear ialtagan Daubenton a’ siabaireachd os cionn Abhainn na Comraich agus tha ialtagan pipistrelle agus ialtagan donna cluasach pailt, le àireamh mhòr den fheadhainn sin a’ còmhnaidh ann an Eaglais a’ Chlachain. Air an oidhche tha sgriach na caillich oidhche cumanta is corra uair cluinnear sgriach comhachaig.
 
Tha ionaltradh chaorach is fhèidh air ath-nuadhachadh choilltean ann an iomadh àite a chuingealachadh, ged a tha iomairt eadar Urras na Comraich is bailtean croitearachd ann an ceann a tuath an rubha  air 5000 heactair fheansaigeadh o chionn ghoirid agus thathas air còrr air 1,250 heactair a chur le measgachadh de chraobhan dùthchasach.  Tro thìde bheir seo atharrachadh mòr air maise an deilbh-tìre, a’ leasachadh luach na fiadh-bheatha.  Ann an Gleann na Comraich fhèin  tha corra chomharra ionaltraidh de choille dhùthchasach air fhàgail ann an gleanntan casa uillteach.
 
Tha pìosan eile de choille dhùthchasach ri fhaicinn aig Loch Toscaig, ann am bailtean Uags is Àirigh Dhriseach agus faisg air an Àird Bhàn is Coille a’ Ghille. Bheir cuairt gu na dhà mu dheireadh, a tha nam bailtean fàs gu ìre mhòr, luchd-tadhail tro fearann coillteach air leth àlainn.

<-- air ais gu Dualchas & Fiadh-bheatha
  DACHAIGH  
  CUAIRTEAN  
  DÈ THA DOL  
  FIOS GU  
Ag adhartachadh dualchas
beairteach, fiadh-bheatha & cultar
Taobh Siar na Gàidhealtachd
ENGLISH | GÀIDHLIG

This content comes from a hidden element on this page.

The inline option preserves bound JavaScript events and changes, and it puts the content back where it came from when it is closed.

If you try to open a new Colorbox while it is already open, it will update itself with the new content.