<-- air ais gu Nithean ri fhaicinn & ri dhèanamh |
Beanntan & MuirTha a’ Chomraich na deagh àite airson coiseachd beinne, streap is curachd. Tha coiridhean na sgìre, creagan is stùcan Sgurr a' Chaorachain agus Beinn Bann Bhàin nan deagh àiteachan, agus Sròn na Cìche le cliù nàiseanta mar slighe airson streap chreagan. Tha beanntan Thoirbheartain dìreach gu tuath. Tha iad sin a’ taisbeanadh raon de chomasachdan streapadaireachd eile, nam measg druim rùisgte Liathach, tùir is bearraidhean Beinn Àilligein agus Triple Buttress. Le a’ chosta eadar-dhealaichte air a bhreacadh le sgeirean is bàghan, fagasachd dhlùth Eileanan Cròbhlainn gu deas, agus le Eilean Ratharsaigh gun ear, tha a’ Chomraich cuideachd a’ tabhann sàr chothroman curachd agus airson coimhead air fiadh-bheatha mara. Tha Luchd-iùil Beinne & Mara na Comraich a’ tabhann oideachadh ealanta ann an curachd mara, le cùrsaichean seachdaineach, latha, leth-latha no airson uairean a thìde rim faighinn. Tha cùrsaichean treòraichte streapaireachd rim faighinn cuideachd. |
<-- air ais gu Nithean ri fhaicinn & ri dhèanamh |