Ronan Martin Associates.
<-- air ais gu Nithean ri fhaicinn & ri dhèanamh

Dualchas arc-eòlasach

An Dùn

Tha am facal broch a’ tighinn bhon t-seann fhacal Lochlannach, borg, a tha a’ ciallachadh daingneachd, ged a tha teagamh ann mun ann airson dìon a-mhàin a bha iad. Ag èirigh gu 13 meatairean a dh’àirde, ann an cuid de na h-eisimpleirean as fheàrr, bhathas a’ feumachadh dòighean gàrradaireachd cloiche air leth adhartach airson an togail. Tha dùin sònraichte dha Alba agus aithnichear na tùir cloiche sin bho Linn an Iarainn le na ballachan cuairtichte co-chearclach le trannsa is staidhrichean aig diofar ìrean.
 
‘S e dùn na Comraich aon de sheudan arc-eòlasach na sgìre. Chaidh rannsachadh a dhèanamh air an toiseach ann an 2006 le sgioba Time Team a’ BhBC, agus thathas ga chladhach fhathast fo riaghladh Comann Arc-eòlais na Comraich agus le taic bhon Sgeama Compàirteachais.  Tha dùn na Comraich ri taobh na làraich campachaidh.
 

An Àth aoil

 
Tha an àth aoil na pàirt de thogalaichean gnìomhachais beag a bhathas uair a’ cleachdadh airson aol-beò a dhèanamh tro bhith a’ luaithreachadh aol-chloiche. Air a togail sna 1870an, bha i a’ cur gu feum talamh aol-chlachach na sgìre, agus chaidh a cleachdadh mu dheireadh sna 1930an. Tha an àth-aoil ann an droch staid ach thathas an dòchas an làrach a dhaingneachadh fo sgeama a’ chompàirteachais gus am bi i na pàirt den t- Slighe Arc-eòlasach a thathas a’ dealbhachadh. Chithear map de a suidheachadh fon tab, CUAIRTEAN gu h-àrd.
 

Taigh na Deighe

‘S e structairean fo-thalamh a th’ ann an taighean-deighe a bhathas a’ cleachdadh airson deigh a stòradh mus tàinig fionnadairean, ged a chanar taighean-deighe air mapaichean suirbhidh òrdanais ri preasan-bidhe airson sitheann. Tha iad mar as trice air an togail faisg air far am bi deigh sa gheamhradh leithid lochan fìor-uisge. Bha Taigh na h-Oighreachd a’ cleachdadh taigh-deighe na Comraich agus tha e na dheagh eisimpleir de sheòrsa. Tha e air a’ Chuairt Chraobhail faisg air an Lios Ballach (faic CUAIRTEAN airson map).


<-- air ais gu Nithean ri fhaicinn & ri dhèanamh
  DACHAIGH  
  CUAIRTEAN  
  DÈ THA DOL  
  FIOS GU  
Ag adhartachadh dualchas
beairteach, fiadh-bheatha & cultar
Taobh Siar na Gàidhealtachd
ENGLISH | GÀIDHLIG

This content comes from a hidden element on this page.

The inline option preserves bound JavaScript events and changes, and it puts the content back where it came from when it is closed.

If you try to open a new Colorbox while it is already open, it will update itself with the new content.