<-- air ais gu Nithean ri fhaicinn & ri dhèanamh |
Dualchas cràbhaidh | ||||||||||||||
Eaglais a’ ChlachainSuidhichte air làrach àrsaidh manachainn an Naoimh Maol Rubha (ca. 673 AC), chaidh an eaglais seo a thogail ann an 1817. Tha bòidhchead, sìth-thàimh is sìmplidheachd an togalaich seo agus na tha mun cuairt a’ dèanamh an àite seo tarraingeach dha luchd-tadhail is dha muinntir na sgìre. Tha a’ Chomraich a’ ciallachadh tèarmann agus tha Eaglais a’ Chlachain suidhichte na meadhan. Chan eil seirbheisean cunbhalach a’ gabhail àite innte ach bithear a’ cleachdadh na h-eaglaise fhathast airson pòsaidhean, adhlacaidhean agus seirbheisean cuimhneachaidh. Tha Sgeama a’ Chompàirteachais ag ath-leasachadh Eaglais a’ Chlachain. Clì air a’ gheata a-steach tha leac àrd rèidh le crois Cheilteach geàrrte oirre. Thathas ag ràdh gur e seo uaigh Ruaraidh Mhòir MhicAogain, abaid na Comraich, a chaochail ann an 801AC. Chithear na th’ air fhàgail de chroisean snaidhte Ceilteach eile san Ionad Dualchais faisg air làimh.
An t-SaipealSuidhichte taobh a-staigh àit’-adhlachaidh Eaglais a’ Chlachain, tha fuidheall gun mhullach de shaipeal a thathas den bheachd a tha dol air ais gun 15mh linn. A rèir chlàraidhean, bha teaghlach na Comraich ga chleachdadh mar tuam adhlacaidh ann an 1859. An Tobar ChoisrigteSuidhichte fon rathad faisg air a’ Gheata Gheal, tha an Tobar, Strùpan a’ bhile a th’ air a lìonadh bhon Tobar Choisrigte os a cionn, aig a bheil ceangal ris an Naomh Maol Rubha agus ri a thuineachadh manachainneach. Chan eil am bùrn freagarrach airson òl aig an àm seo air sgàth ganrachadh bho dìgean an rathaid. Tha Sgeama a’ Chompàirteachais ag amas air an tobar ath-leasachadh gus am bi i aon uair eile na h-àite fois is ùrachaidh dha taistealaich. | ||||||||||||||
<-- air ais gu Nithean ri fhaicinn & ri dhèanamh |