Ronan Martin Associates.
<-- air ais gu Nithean ri fhaicinn & ri dhèanamh

Ionad Dualchais

Tha an t-Ionad Dualchais a’ taisbeanadh is a’ comharrachadh eachdraidh iongantach na Comraich bhon linn Mesolithic gun latha an-diugh. B’ e an Comann Eachdraidh a stèidhich e nuair a rinn iad ath-leasachadh air togalach fàs aig ceann Bàgh na Comraich airson clàran tasglainn, dealbhan is ealain co-cheangailte ris an sgìre a stòradh gu tèarainte is a thaisbeanadh.  Tha an t-Ionad a’ cumail cunntas maireannach air eachdraich an rubha, agus an rùm taisbeanaidh a’ toirt beò prìomh amannan eachdraidheil, a thuilleadh air a bhith a’ tabhann dealbh dathach de shaoghal traidiseanta is co-aimsireil na croitearachd.
A thuilleadh air rùm nan taisbeanaidhean, tha riochdachaidhean claistinneach air eachdraidh beul-aithriseach, clàraidhean Cunntas-sluaigh didseatach agus stòr-dàta sloinntearachd so-rannsachail ann.  Tha rùm leughaidh san Ionad a tha toirt cothrom air tasglannan farsaing a’ Chomainn Eachdraidh, agus bùth bheag le obair-ciùird is gibhtean bhon sgìre.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho làrach-lìn a’ Chomainn Dualchais fhèin.

<-- air ais gu Nithean ri fhaicinn & ri dhèanamh
  DACHAIGH  
  CUAIRTEAN  
  DÈ THA DOL  
  FIOS GU  
Ag adhartachadh dualchas
beairteach, fiadh-bheatha & cultar
Taobh Siar na Gàidhealtachd
ENGLISH | GÀIDHLIG

This content comes from a hidden element on this page.

The inline option preserves bound JavaScript events and changes, and it puts the content back where it came from when it is closed.

If you try to open a new Colorbox while it is already open, it will update itself with the new content.